Loganair a' toirt phàipearan-naidheachd a Steòrnabhagh a-rithist

  • 1 Am Màrt 2017
Itealan Image copyright Reamonn Lenkas
Image caption Bidh Loganair a' toirt phàipearan-naidheachd a Steòrnabhagh sia là san t-seachdain.

Tha a' chompanaidh phleanaichean Loganair a' dol a thòiseachadh a' toirt phàipearan-naidheachd a Steòrnabhagh a-rithist a h-uile madainn tron t-seachdain.

Bidh iad cuideachd a' giulain nam pàipearan tràth feasgar Disathairne.

A' bruidhinn ri comhairlichean ann an Steòrnabhagh Diciadain, dh'innis Àrd-stiùiriche na companaidh, Ionatan Hinkles gun robh iad a' dèanamh tòrr atharrachaidh air seirbheisean.

Ach thuirt Mgr Hinkles cuideachd gun robh tòrr a bharrachd de na seirbheisean aca mar-thà a' cumail ris a' chlàr-ama agus gu bheil e den bheachd gu bheil iad a' toirt seachad seirbheis choileanta.