A' mheanbh-chuileag nach bìd

  • 1 Am Màrt 2017
Meanbh-chuileag Image copyright Alan Watson Feathrstone/Trees for Life
Image caption Tè de na 17 gnèithean de mheabh-chuileig nach bìd a chaidh a lorg air a' Ghàidhealtachd.

Chaidh fhoillseachadh an t-seachdain sa chaidh gun robh luchd-saidheans air gnè de mheanbh-chuileig a lorg air a' Ghàidhealtachd nach fhacas am Breatainn roimhe.

Ach na gabh cus dragh - cha bhi a' mheanbh-chuileag seo ri bìdeadh.

Nochd seo agus prògram rannsachaidh mu bhith-iomadachd a' gabhail àite air oighreachd ghlèidhteachais faisg air Loch Nis.

Tha Oighreachd Ghlèidhteachais Dhul Dreagain ann an Gleann Moireasdain na pàirt den Choille Chailleannach, far a bheil an carthannas Trees for Life a' feuchainn ri ath-bheothachadh a thoirt gu buil.

Annasach

'S e an gnè as ùire a chaidh a lorg seòrsa de mheanbh-chuileig nach bi ri bìdeadh, agus nach deach aithneachadh a-riamh roimhe san Rìoghachd Aonaichte.

'S e ainm saidheansail na meanbh-chuileige "Chironomus vallenduuki".

Image copyright Alan Watson Featherstone/Trees for Life
Image caption Bidh na meanbh-chuileagan nach bìd a' dùsgadh air feasgaran blàth air feadh na bliadhna.

Tha am facal Chironomus cudromach oir cha bhi Chironomids a' bìdeadh.

'S beag an t-iongnadh nach deach a h-aithneachadh roimhe!