Gearain mu sheirbheis adhair Bharraigh

  • 1 Am Màrt 2017
Plèana am Barraigh

Tha gearain ann am Barraigh mu atharrachadh ann an clàr-ama nan seirbheisean adhair eadar Beinn nam Fadhla is Steòrnabhagh bhon ath-mhìos.

Ged a bhios seirbheis ann còig là san t-seachdain, tha atharrachadh air na h-uairean a' ciallachadh nach bidh e comasach aiseag Chaolas Bharraigh fhaighinn a' chiad char sa mhadainn agus an uairisin a' chiad phlèana a Steòrnabhagh fhaighinn à Beinn nam Fadhla.

Tha sin a' ciallachadh nach tèid aig duine a tha a' siubhal à Barraigh air faighinn a Steòrnabhagh ro 5:00f air an aon là.

"An rud a chaidh tron Chomhairle aig deireadh na bliadhna, nuair a chaidh airgead a bharrachd aontachadh, beagan goirid air £500,000, airson seirbheisean a chur air ais a thug a' Chomhairle - na h-aon chomhairlichean fhèin - air falbh ceithir bliadhna air ais," thuirt Mgr Manford.

Amasan

"'S e an taghadh a chaidh a dhèanamh, gur e rudeigin a bh' ann a bha a' tachairt agus a' dèanamh amasan na Comhairle.

"Niste, bhiodh e furasta gu leòr - sin a bha mi fhèin a' tuigsinn co-dhiù - gur e an rud a bha a' Chomhairle a' feuchainn ri dhèanamh, 's e cur air ais nan seirbheisean a tharraing iad às a chèile.

"Tha e a-niste a' tighinn follaiseach nach e sin a th' ann idir.

"Tha smachd mòr aig a' Chomhairle air dè nì Flybe - gu h-àraid na seirbheisean a bu chòir a bhith a' ruith eadar Barraigh is Uibhist, agus nach eil tuilleadh, agus a tha a' ruith eadar Beinn nam Fadhla agus Steòrnabhagh.

"Nuair a chaidh sin a tharraing, 's e a thaobh 's gun do tharraing a' Chomhairle air falbh airgead poblach.

"Tha e follaiseach nach fhaigh duine sam bith à Bhatarsaigh agus Barraigh suas dhan Chomhairle ionadail aca fhèin ann an aon là, agus a' cumail orra air n-aghaidh gu na h-ospadalan againn ann an Inbhir Nis.

"'S e sin a' cheist a dh'fheumas a thogail. A bheil a' Chomhairle seo comasach air coimhead às dèidh nan eileanan gu lèir?

"Tha e air a bhith follaiseach airson ceithir bliadhna a chaidh seachad, gu dearbha nach eil," thuirt e.