Àrdachadh air àireamh luchd-baidhseagail Inbhir Nis

  • 1 Am Màrt 2017
Soidhne
Image caption Tha barrachd dhaoine ann an Inbhir Nis a-nis a' falbh air dà chuibhle.

Thàinig àrdachadh de 11.8% air an àireamh de luchd-baidhseagail a chaidh a chlàradh ann am meadhan Inbhir Nis an-uiridh, an taca ri 2015.

A rèir a' chunntais-shluaigh mu dheireadh bidh 5.6% de shluagh Inbhir Nis a' siubhail a dh'obair air baidhseagal - an ìre as àirde airson baile mòr sam bith ann an Alba.

Tha dragh ann mu shàbhailteachd ge-tà, 's tha Comhairle na Gàidhealtachd air soidhnichean ùra a chur suas ann an sgìre a' Chrùin far a bheil gearainnean air a bhith ann mu luchd-baidhseagail a' falbh air na cabhsairean.

Thathas cuideachd ag iarraidh air dràibhearan a bhith nas mothachaile dha luchd-baidhseagail.