Comhairle mu chumhachd

  • 1 Am Màrt 2017

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' brosnachadh dhaoine a dhol gu companaidh chumhachd eadar-dhealaichte mar dhòigh air bochdainn connaidh anns an sgìre a lùghdachadh.

Sheall aithisg bho Bhuidhinn-Ghnìomha Bochdainn Connaidh an ùghdarrais nach eil fios aig mòran dhaoine gum faod iad gluasad gu companaidh eile airson airgead a shàbhaladh, agus gun robh barrachd fiosrachaidh a dhìth airson daoine a chuideachadh.

Dh'aontaich comhairlichean a dhol an sàs ann an iomairt le taic bho Bhiùro Comhairleachaidh a' Phobaill agus buidhnean taigheadais ionadail airson comhairle a thoirt seachad.

Cion fiosrachaidh

Tha an Comh. Tormod MacLeòid gu bheil e cudromach fiosrachadh a thoirt do dhaoine, 's uimhir de dhiofar phrìsean gan tabhann le diofar chompanaidhean.

"Tha daoine 's tha feagal orra gluasad airson bidh iad an-còmhnaidh a' smaoineachadh uill ma ghluaiseas mi, 's dòcha gun atharraich na prìsean aig an fheadhainn dha bheil sinn a' dol agus gum bi iad nas àirde".

"Tha e cudromach gum faigh iad a' chompanaidh cheart".

Fhuair a' Chomhairle cuideachd tuilleadh airgid bho Riaghaltas na h-Alba airson taighean a dhèanamh nas blàithe agus nas èifeachdaiche a thaobh cumhachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile