Comhairle mu theintean dha muinntir Uibhist a Deas

  • 1 Am Màrt 2017

Thèid riochdairean bho Sheirbheis Smàlaidh na h-Alba a dh'Uibhist a Deas às dèidh mar a chaill dithis am beatha ann an teintean taighe bho chionn ghoirid.

Bhàsaich boireannach ann an teine na dachaigh ann an Gearraidh na Mònadh agus chaill seann duine a bheatha ann an teine ann an Cill Donnain taobh a-staigh beagan làithean.

Bidh riochdairean bhon t-Seirbheis Smàlaidh ann an Dalabrog air an 9mh là den Mhàrt ann a Talla a' Chinn a Deas a' freagairt cheistean mu na 's urrainn do dhaoine a dhèanamh airson an dachannan a dhìon bho theintean.

Bidh iad cuideachd a' dol timcheall nan taighean anns an dà bhaile far an robh na teintean airson inntinn dhaoine a chur aig fois.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile