Cead do dh'Ionad Ceartais Inbhir Nis

  • 1 Am Màrt 2017
Ìomhaigh den ionad ùr Image copyright SCTS
Image caption 'S e Riaghaltas na h-Alba a phàigheas airson an ionaid ùir.

Thug comhairlichean Gàidhealach cead do dh'Ionad Cheartais ùr Inbhir Nis, a chosgas £23m.

Thèid a thogail air làrach seann ionad bhusaichean eadar Rathad an Longman agus Rathad Bhurnett.

Leigidh seo le Caisteal Inbhir Nis, a tha ga chleachdadh an-dràsta le Seirbheis nan Cùirtean, a bhith air a leasachadh mar àite anns am bi goireasan do luchd-turais.

'S e Riaghaltas na h-Alba a phàigheas airson an ionaid ùir.

Stèisean rèile

Chaidh taic a chur cuideachd ri planaichean airson stad rèile ùr faisg air port-adhair Inbhir Nis.

Bidh àitean-parcaidh ann airson 150 càr.

Tha dùil gum fosgail an stèisean ùr an ath-bhliadhna.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile