Tursachan Chalanais rim faicinn ann an VR

  • 28 An Gearran 2017
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Tursachan Chalanais rim faicinn ann an VR

Chaidh turas VR de 26 làraich ann an Alba a tha tarraingeach do luchd-turais a chruthachadh.

Tha an app 'ScotlandVR' an asgaidh agus a' gabhail a-steach dhealbhan a chaidh a thogail agus dealbhan coimpiutair.

Am measg nan làrach, faodar coimhead air Caisteal Eilean Donnain, Drochaid Rèile Ghleann Fhionnghainn agus Caisteal Dhùn Èideann.

Tha na dealbhan ag obair air a' fòn-làimhe leis fhèin neo taobh a-staigh 'clogaid VR' cairt-bhòrd.

Brosnachadh

Nochd an app mar thoradh air farpais son Nuadhachas, Ailtireachd agus Dealbhachadh 2016.

Dh'iarr a' bhuidheann turasachd VisitScotland air oileanaich rud didseatach a chruthachadh a bhiodh a' brosnachadh dhaoine tighinn a dh'Alba.

'S e sgioba bho Oilthigh Napier ann an Dùn Èideann a bhuannaich.

Chruthaich an sgioba aca beachd son app a bhiodh a' leigeil le daoine a' siubhail tro Alba ann an saoghal bhiortail.