£10,000 dha An Lanntair

  • 28 An Gearran 2017

Fhuair An Lanntair ann an an Steòrnabhagh £10,0000 bho Urras an Rubha agus Shanndabhaig a-mach às na prothaidean bhon tuath-ghaoithe aca air Beinn Ghrìdeag.

'S e seo a' chiad earrann den £20,000 a tha an t-Urras a' gealltainn dhan bhuidhinn-ealain gach bliadhna.

Faodaidh an An Lanntair an t-airgead a chosg mar a thogras iad, 's tha iad air roghnachadh a' mhòr-chuid dheth a chosg air obair-foghlaim agus obair sa choimhearsnachd.

Gainnead maoineachaidh

Thuirt Stiùiriche An Lanntair, Ruaraidh Moireach, gu bheil an t-airgead seo gu math feumail aig àm nuair a tha maoineachadh cho gann.

"Tha an t-airgead air a bhith teann airson bhliadhnaichean fada - agus chan ann nas fheàrr a tha e a' fàs".

"Bidh sinn a' faighinn taic-airgid airson pròiseact ach an duilgheadas leis an sin, tha thu a' faighinn an airgid, tha am pròiseact a' tachairt agus an uair sin tha an t-airgead a stad agus tha beàrn eadar sin agus an ath-phròiseact".

Tha dachaigh-cùraim Bhethesda ann an Steòrnabhagh cuideachd a' faighinn earainn de theachd a-steach an tuath-ghaoithe.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile