"Briseadh-dùil" bhon Aonta Baile

  • 28 An Gearran 2017
Raon-laighe
Image caption Tha an Comh. Friseal ag ràdh gum feum goireasan math còmhdhail a bhith ann dha luchd-turais.

Thuirt fear de chomhairlichean an Eilein Sgitheanaich gur e briseadh-dùil a th' ann nach fhaigh iad airgead bho Aonta Baile Inbhir Nis agus na Gàidhealtachd airson seirbheisean-adhair chun an eilein a stèidheachadh às ùr.

Bha Hamish Friseal a' bruidhinn agus Comataidh an Eilein Sgitheanaich agus Ratharsair a' cluinntinn mu na buannachdan a dh'fhaodadh an sgìre fhaiginn bhon Aonta.

"Tha e na bhriseadh-dùil dhuinne nach eil an t-seirbheis a tha a' tighinn a-mach 's a-steach às an Eilean Sgitheanach air a' chlàr-obrach aca".

Le leudachadh mòr air tighinn air na tha de luchd-turais a' tadhal air an Eilean Sgitheanach tha an Comh. Friseal ag ràdh gum feumar dèanamh cinnteach gu bheil na goireasan ann dhaibh gus am faigh iad chun an eilein, agus air falbh a-rithist, gu furasta.

Tha e ag ràdh gu bheil e cudromach gum bi buaidh an Aonta ga sgaoileadh a-mach seachad air Inbhir Nis fhèin.

"Feumaidh sinn a dhèanamh cinnteach gu bheil airgead air a chosg anns na sgìrean a tha seo - air taobh a-muigh Inbhir Nis - gus am bi e na bhuannachd dhaibh-san agus na bhuannachd dha Inbhir Nis aig an aon àm".