Sgoil ùr an Sròn an t-Sìthein?

  • 28 An Gearran 2017
Àrd-sgoil Àrd nam Murchan Image copyright Richard Laybourne/Geograph
Image caption Bhiodh a' bhun-sgoil ùr ri taobh na h-àrd-sgoile.

Tha coltas ann gun tèid bun-sgoil ùr a thogail leis a' choimhearsnachd ann an Sròn an t-Sìthein 's a' bhuidheann a th' air cùl nam planaichean air cha mhòr £150,000 a thogail.

Tha buidheann às an sgìre den bheachd gu bheil feum air bun-sgoil ùir, 's tha iad am beachd pàigheadh air a son iad fhèin agus a leigeil a-mach air màl do Chomhairle na Gàidhealtachd.

'S ann anns na 1970an a chaidh an sgoil a th' ann an-dràsta a thogail, 's tha i ann an droch stait.

Bhiodh a' bhun-sgoil ùr ri taobh Àrd-sgoil Àrd nam Murchan.

Bha iad ag amas air £100,000 a thogail ro dheireadh na mìos seo, ach chaidh iad fada seachad air an targaid aca.

Thuirt Seumas Mac an t-Saoir bhon bhuidhinn-stiùiridh, mar as motha a thogas iad de dh'airgead anns a' choimhearsnachd gur ann as fheàrr leis nach bi uimhir a dhìth bhon bhanca.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd mar-thà air taic a chur ris a' phròiseact.

Tha dùil gun tòisich an obair-togail anns a' Chèitean agus bidh an togalach ùr deiseil ro dheireadh na bliadhna.