A' chreag is an sgrath

  • 27 An Gearran 2017
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Treas roghainn ma thig an dàrna referendum?

Is coltach nach robh duine aig co-labhairt Albannach nan Làbarach ann am Peairt airson bruidhinn mun bhun-reachd.

Ged a chuir am pàrtaidh taic ri siostam riaghlaidh feadarailich airson na Rìoghachd Aonaichte cha do chuir le an uile-chridhe.

Anns an deasbad madainn Dihaoine thuirt labhraiche às dèidh labhraiche gum b'fheàrr leotha a bhith a' bruidhinn mu fhoghlam, slàinte, taigheadas, cuspair sam bith seach neo-eisimeileachd agus àite na h-Alba anns an Rìoghachd Aonaichte.

Rinn cuid gearan gun robh an deasbad a' tachairt idir agus ged nach do chuir duine an aghaidh a' ghluasaid nuair a thàinig a' bhòt shuidh cuid air an làmhan.

Chan e cuspair cofhurtail a tha seo do na Làbaraich agus às dèidh an thachair don phàrtaidh às dèidh an reifrinn mu dheireadh air neo-eisimeileachd, tuigidh tu carson.

Ach cha ghabhadh a' chùis a sheachnadh.

Soilleir

Ged a bhios luchd an Aonaidh a' cumail a-mach gun tug muinntir na h-Alba am freagairt seachad an uair sin, is coltach nach deach a' cheist a rèiteachadh idir.

Mar sin, ged a thuirt i Dihaoine nach tachradh reifreann eile, bha rabhadh soilleir na h-òraid Disathairne gum faodadh fear eile a bhith air fàire.

Gu sìmplidh, chuir i an cuimhne na bha an làthair, tha mòr-chuid aig Holyrood air a shon.

Dhiùlt i cantainn am bu chòir do Theresa May cumhachd a thoirt seachad fo Earrann 30 de dh'Achd na h-Alba, ach bha e soilleir gu bheil Kezia Dugdale a' creidsinn gum faigh Nicola Sturgeon sin ma tha dh'iarras i.

Tha Àireamh a Deich fhèin air a bhith gu math faiceallach gun a ràdh gun diùltadh iad, a' cantainn a-rithist an-diugh nach bu chòir reifreann eile a chumail gun a ràdh gun cuireadh iad na aghaidh.

Tha làn dùil aca nach toireadh sin ach buannachd don SNP.

Daingean

Mar sin, nuair a chuireas Theresa May Artagail 50 de Chunnradh Lisbon an gnìomh anns na beagan seachdainean a tha romhainn bidh aire air a' Phrìomh Mhinistear mìneachadh dè nì i.

Do Kezia Dugdale thig cunnart mòr an luib reifrinn ùir.

Às dèidh mar a thuit iad don treas àite air cùl nan Tòraidhean anns an taghadh Albannach an-uiridh, bha i airson dearbhadh aig a' cho-labhairt gun robh na Làbaraich a cheart cho daingean an aghaidh neo-eisimeileachd agus a tha pàrtaidh sam bith eile.

Mar sin, dhearbh i gun bhòtadh na Làbaraich an aghaidh reifrinn eile nan deigheadh bile a chur fa chomhair na Pàrlamaid.

Aig a' cheart am, ged a chuir i dìon air na rinn am pàrtaidh ann an 2014, thuirt i nach bu choltach gum biodh buidheann eile de leithid Nas Fheàrr Còmhla an sàs ann an Indyref2.

Ged a chaill na Làbaraich bhòtaichean do na Tòraidhean bho luchd-taic an Aonaidh chaill iad barrachd don SNP air sgàth 's gun robh iad ro fhaisge orra.

Mearachd

Tha na Làbaraich ann an Alba glacte eadar a' chreag agus an sgrath.

Le greim Jeremy Corbyn fhathast air an stiùir mu dheas, tha e doirbh fhaicinn ciamar a ghabhas am polasaidh ùr aca de dh'Fheadairealachd a chuir an gnìomh.

Ach tha Kezia Dugdale an dòchas gun dearbh an taic a fhuair i bhon phàrtaidh aice ann am Peairt gu bheil na Làbaraich a' seasamh aig astar bhon SNP agus bho na Tòraidhean, leis an luchd-bhòtaidh, a b' fheàrr leotha slighe mheadhanach nan robh an roghainn aca.

Thuirt i gur dòcha gum bu chòir a leithid a bhith air a' phàipear-bhòtaidh ann an reifreann eile - ag aideachadh, is dòcha, gur e mearachd mhòr a bha ann gun an roghainn sin a thoirt don t-sluagh ann an 2014.

A' sgrìobhadh mu bhuaidh nan Libearalach ann an taghadh 1906, thuirt George Dangerfield gur e buaidh a bha ann nach deach a shlànachadh a-riamh.

Tha e ro thràth ri ràdh ann an mar sin a bha 2014 do na Làbaraich an Alba, ach is coltach gun do dh'ionnsaich co-dhiù cuid dhiubh bho na thachair agus gu bheil iad airson 's nach tachair a-rithist e.