Còmhdhail euslainteach fon phrosbaig

  • 27 An Gearran 2017
Carbad Eiridinn

Tadhlaidh Àrd-Stiùiriche Seirbheis Charbad Eiridinn na h-Alba, Pauline Howie, air a' Ghàidhealtachd Diluain gus bruidhinn mu dhraghan a th' ann mun t-seirbheis èiginnich agus gnothaichean còmhdhail euslainteach.

Tha a' choinneamh, ann na talla bhaile Loch an Inbhir ann an Asainnte a' tighinn agus gearainnean ann nach eil oifigich a tha a' ruith na seirbheis a' tuigsinn fheumalachdan dhaoine ann an sgìrean dùthchail.

Tha daoine san sgìre ag ràdh gu bheil iad a' faighinn tàire bho bhiurocrasaidh 's iad a' feuchainn ri còmhdhail euslainteach a chur air dòigh gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Tha iad ag ràdh gur ann ri daoine am meadhan na h-Alba a th' aca ri bruidhinn, aig nach eil tuigse air na h-astaran a th' ann eadar an dachannan agus an t-ospadal, agus na duilgheadasan a tha an sàs.

Tha seo a' tighinn agus Comhairle Coimhearsnachd Asainnte ag ràdh gu bheil seirbheis bhus na sgìre air crìonadh.

Thuirt iad nach eil seirbheisean bus sam bith ann tuilleadh a leigeas le euslaintich siubhail eadar Loch an Inbhir agus Ospadal an Ràthaig Mhòir 's air ais air an aon là.

Ann am brath a dh'fhoillsich Seirbheis Charbad Eiridinn na h-Alba, thuirt iad gun robh an t-àrd-stiùiriche aca, Pauline Howie, a' dèanamh fiughair ri bhith a' coinneachadh ris a' choimhearsnachd gus bruidhinn mun t-seirbheis chòmhdhail euslainteach san sgìre.