Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An Gearran 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Poilis na h-Alba

Tha Poilis na h-Alba a' tòiseachadh air co-chomhairle an-diugh air cruth na seirbheis airson na h-ath dheich bliadhna. Tha co-chomhairle fad deich seachdainean ag iarraidh bheachdan air dè seòrsa eucorra dham bu chòir na Poilis a bhith a' toirt prìomhachais.

Drabastachd

Tha a' chiad èisteachd phoblach ann an-diugh anns an rannsachadh neo-eisimeileach mu dhroch dhìol agus drabastachd an aghaidh cloinne ann an Sasainn agus anns a' Chuimrigh. Tha a' chiad phàirt den rannsachadh a' gabhail fianais mu dhroch dhìol air clann a chaidh a chur a dh'fhuireach ann an Astràilia eadar 1945 agus 1974.

Ionad Spòrs

Thuirt luchd-iomairt a tha ag iarraidh Ionad Spòrs Leòdhais fhosgladh air an t-Sàbaid gun lean iad orra a' strì ged a dhiùlt Comhairle nan Eilean Siar airgead bhuapa airson sgeama pìleat a dhèanamh fad bliadhna. Thuirt Uisdean MacLeòid bhon bhuidhinn iomairt, Families into Sport for Health, gu bheil e follaiseach na bheachd-san nach e airgead ach creideamh as coireach nach fhosgail a' Chomhairle na goireasan air an t-Sàbaid. Thuirt an t-Urr. Seumas MacÌomhair bhon Eaglais Shaoir gu bheil esan den bheachd nach eil mòran taic ann an Leòdhas airson an t-ionad fhosgladh air an t-Sàbaid.

EDF

Gheall a' chompanaidh chumhachd EDF gun dèan iad na 's urrainn airson dèanamh cinnteach gun tèid na tuathan-gaoithe mòra a tha iad am beachd a thogail ann an Leòdhas air adhart. Thadhail àrd-oifigear EDF, Vincent de Rivaz, air an eilean a dh'fhaicinn dè an taic a th' anns a' choimhearsnachd dha na pròiseactan agus an Riaghaltas a' beachdachadh an-dràsta am bu chòir taic-airgid shònraichte a thoirt do thuathan-gaoithe anns na h-eileanan.

Oscars

Thuirt a' chompanaidh a tha a' cunntas nam bhòtaichean aig na h-Oscars gu bheil iad duilich mun bhutarrais aig na duaisean a-raoir. Chaidh innse anns a' chiad dol a-mach gur e La La Land am film a b' fheàrr ach thàinig orra sin atharrachadh agus innse an uair sin gur e Moonlight a bha air an duais a ghlèidheadh. Thuirt an luchd-cunntais, PriceWaterhouseCooper, gun deach a' chèis cheàrr a thoirt dhan fheadhainn a bha a' toirt seachad na duaise.