Òrdugh 'son prothaidean dhrogaichean

  • 27 An Gearran 2017

Tha £15,000, a bha roimhe aig fear a chaidh a dhìteadh co-cheangailte ri reic dhrogaichean air Ghàidhealtachd agus ann an Glaschu, a chumail fo smachd nan ùghdarrasan.

Chaidh binn sia bliadhna sa phrìosan a thoirt do Pheadar MacLabhrainn san t-Samhain an dèidh dha aideachadh gu robh gnothach aige ri reic cocaine ann an Glaschu agus cainib air Ghàidhealtachd anns an robh luach £250,000.

A' toirt binn dha sa chùirt thuirt am Morair Woolman ris gu robh e gu mòr an sàs ann a bhith a' sgaoileadh dhrogaichean.

Am meag na fhuair na poilis bha 19 cileagram de chainib aig neach ann an Ulapul a bha gu bhith air a thoirt a-null a dh'Eilean Leòdhais.

Aonta

Chuala an àrd-chùirt ann an Dùn Èideann gun deach MacLabhrainn an sàs ann an reic dhrogaichean airson a' ghnothachais chidsein aige a chumail a' dol.

An dèidh dha a bhith air a dhìteadh thòisich an Crùn cùis airson na prothaidean a rinn MacLabhrainn bho eucoir a thoirt bhoithe.

Thuirt an neach-comhairliche aige, Tony Lenehan, ris a' Mhorair Pentland Diluain gun deach aonta a ruighinn.

Thuirt Mgr Lenehan gun deach aontachach gu robh MacLabhrainn air £175,000 a dhèanamh bho eucoir agus gur e £15,000 an t-suim a bha ri fhaotainn son a chur fo smachd nan ùghdarrasan.

Chaidh òrdugh a dhèanamh 'son an t-suim sin.