Briseadh-dùil do dh'iomairt FiSH
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Briseadh-dùil dhan iomairt 'son Ionad Spòrs Steòrnabhaigh fhosgladh air an t-Sàbaid.

27 An Gearran 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thuirt a' bhuidheann-iomairt Families into Sport and Health, neo FiSH, gur e fior bhriseadh-dùil a bh'ann nach robh Comhairle nan Eilean Siar deònach airgead a ghabhail bhuapa a phàigheadh airson Ionad Spòrs Leòdhais fhosgladh Latha na Sàbaid.

Thuirt a' chomhairle nach biodh e cothromach dhaibh airgead a ghabhail agus iad a' cumail ris a' cho-dhùnadh dheamocratach a rinn iad san Damhair.

Tha tuilleadh aig Ruaraidh Rothach.