Feumaidh HIE "guth làidir, ionadail"

  • 27 An Gearran 2017

Thuirt Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Mairead Davidson, gum feum atharrachaidhean aig Iomairt na Gàidhealtachd snan Eilean a' bhuidheann a neartachadh le guth làidir, ionadail, seach a bhith air an stiùireadh bho mheadhan na dùthcha.

Tha an aithisg às ùire mun ghnothach a' moladh bòrd HIE a ghlèidheadh, ach fo bhòrd ùr nàiseanta.

Tha planaichean Riaghaltas na h-Alba airson crathadh a thoirt air HIE air a bhith connspaideach.

Bha cuid a' fàgail air an Riaghaltas gun robh iad airson cur às do HIE 's iad a' moladh bòrd ùr nàiseanta a stèidheachadh le dleastanas airson HIE, Leasachadh Sgilean na h-Alba agus dà bhuidhinn eile.

Mhol aithisg ùr an t-seachdain seo chaidh le Cathraiche HIE, an t-Oll. Lorne Crerar, gum bu chòir bòrd neo-eisimeileach HIE a ghlèidheadh, fon bhòrd ùr.

Thuirt Mairead Davidson, gur e adhartas a tha sin.

Thuirt i gum feum cathraiche cliùiteach, follaiseach, le ceangalaichean ris a' Ghàidhealtachd, a bhith os cionn bòrd ùr HIE, 's gum bu chòir do Chomhairle na Gàidhealtachd fhèin a bhith air an riochdachadh air a' bhòrd sin.

Càineadh

Rinn an t-eòlaiche eaconamach Gaidhealach, Tonaidh MacAoidh, càineadh air aithisg Mhgr Crerer 's e ag ràdh gu robh cus mholaidh innte mun obair a rinn e fhèin agus buill eile a' bhùird.

"Gu follaiseach tha trioblaidean ann le HIE, agus am measg sin leis a' bhòrd.

"Feumaidh Riaghaltas na h-Alba atharrachaidhean radaigeach a dhèanamh gus feuchainn ri fàs a thoirt air an eaconamaidh.

"Bha dùil gum biodh molaidhean nas radaigiche aig an Oll. Crerer mu a bhith a' leasachadh obair Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean - ach cha do rinn e sin," thuirt Mgr MacAoidh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo