FiSH a' beachdachadh air gearan a dhèanamh mu ChnES

  • 28 An Gearran 2017
Luchd-iomairt FiSH

Tha luchd-iomairt a tha a' strì airson Ionad Spòrs Leòdhais fhosgladh air an t-Sàbaid a' beachdachadh air gearan oifigeil a dhèanamh mu Chomhairle nan Eilean Siar.

Fhuair a' bhuidheann FiSH, (Families into Sport for Health), briseadh-dùil Dihaoine nuair a dhiùlt Comhairle nan Eilean Siar seic bhuapa 'son an t-ionad fhosgladh 'son sgeama pìleat fad bliadhna.

Thuirt a' Chomhairle nach b' urrainn dhaibh an seic de £11,400 a ghabhail leis gun robh iad air co-dhùnadh deamocratach a dhèanamh san Damhair a chaidh gun an t-ionad fhosgladh air an t-Sàbaid air adhbharan obrach a thuilleadh air adhbharan eaconamach.

Thuirt Uisdean MacLeòid bhon bhuidhinn-iomairt gun robh iad air an tamailteachadh leis a' cho-dhùnadh agus gum beachdaich iad air gearan oifigeil a chur a-steach mu sheasamh na Comhairle.

Tha esan a' dèanamh a-mach gur e adhbharan creidemh a th' air cùl a' cho-dhùnaidh.

Cheasnaich an t-Urr. Seumas MacÌomhair bhon Eaglais Shaoir na bh' aca de thaic anns a' choimhearsnachd leis gur ann bho bhuidhinn bhon taobh a-muigh a thàinig cuid mhath den airgead a thog iad.