Cus astair air an A9 'ga lùghdachadh le camarathan'

  • 24 An Gearran 2017
Camarathan an A9
Image caption Chaidh an siostam a tha a' tomhais astair nan carbadan sa chumantas a chur an sàs air an A9 san Damhair 2014.

Thathar a' comharrachadh chamarathan astair coitchinn son lùghdachadh a thoirt air an àireamh de dhraibhearan a tha a' dol ro luath air an A9.

Thuit an àireamh de charbadan a bha a' siubhal na bu luaithe na an ìre cheadaichte 95% sa chiad dà bhliadhna bhon a thòisich an siostam.

Agus a-rèir nam figearan, thàinig lùghdachadh de 37% air an àireamh dhaoine a chaidh a ghortachadh ann an tubaistean air an A9.

Sin thar an dà bhliadhna bho thoisichear a' tomhais astair dhraibhearan sa chumantas eadar Inbhir Nis is Dùn Bhlàthainn.

'S e Buidheann Shàbhailteach an A9, a tha an urra ris an t-siostam, a dh'fhoillsich na figearan.

Sàbhailteachd

Thuirt a' bhuidheann, a chaidh a stèidheachadh le Còmhdhail na h-Alba ann an 2012, gu bheil na camarathan air "buaidh mhath" a thoirt air dol a-mach nan draibhearan.

Chaidh an siostam a chur an sàs san Dàmhair 2014 ann an oidhirp piseach a thoirt air sàbhailteachd air earrann den rathad.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag amas air an t-slighe air fad eadar Peairt is Inbhir Nis a dhèanamh dùbalite aig a' cheann thall.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile