Sreapadair a bhàsaich air ainmeachadh

  • 24 An Gearran 2017

Chaidh sreapadair a bhàsaich anns a' Mhonadh Ruadh ainmeachadh leis na Poilis.

Bha Owen Griffiths 25, agus bhuineadh e do dh'Evesham ann an Worcestershire.

Chaidh fios a chur chun nam Poileas anns an Aghaidh Mhòir Dimàirt gun robh e air tuiteam ann an Coire an t-Sneachda.

Thug heileacoptair leis na Maoir-Chladaich e dhan ospadal ann an Obar Dheathain, ach bhàsaich e an sin.