Earrannan drochaide ùir tarsaing Abhainn Nis gan cur nan àite

  • 24 An Gearran 2017
Earrannan den drochaid ùir Image copyright Stuart Black/Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Earrannan den drochaid ùir gan togail le crann.

Tha earrannan den drochaid ùir tarsainn Abhainn Nis, air taobh siar a' bhaile, a-nis ann an àite.

Sin às dèidh don obair a bhith air a chasg na bu tràithe air an t-seachdain air sgath na gaoithe.

Chaidh crann, anns a bheil 70 slat a dh'àirde, thoirt a-steach airson na h-obrach.

Tha an seach-rathad ùr a' cosg £55 millean, is Comhairle na Gàidhealtachd an dùil gun toir e trafaig air falbh bho mheadhan a' bhaile.

Bidh seo a' ceangail nam prìomh rathaidean an A9, an A96 agus an A82.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile