Fear-sreap a bàsaich air ainmeachadh

  • 24 An Gearran 2017
Heileacoptair nam Maor-Cladaich Image copyright David Buchanan
Image caption Chaidh an duine a thoirt far na beinne Dimàirt le heileacoptair nam Maor-Cladaich.

Chaidh sreapadair a bhàsaich ann am Beanntan a' Mhonaidh Ruaidh nas tràithe air an t-seachdain ainmeachadh.

B'e Owen Griffiths, a bha 25 à Evesham ann an Worcestershire.

Thuit Mgr Griffiths agus e a' coiseachd ann an sgìre Coire an t-Sneachda Dimàirt.

Chaidh fios a chur air na Poilis anns an Aghaidh Mhòir agus chaidh a thoirt far na beinne le heileacoptair nam Maor-Cladaich.

Chaidh a thoirt gu Ospadal Rìoghail Obar Dheathain, 's e air a dhroch ghoirteachadh mun cheann, far an do bhàsaich e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo