Cogadh na Feòraige Lèith

  • 24 An Gearran 2017
Feòrag Ruadh Image copyright C Jimmie Reid
Image caption Tha feòragan ruadh dùthchasach do dh'Alba, ach tha na h-àireamhan aca air a bhith a' crìonadh bho chaidh feòragan liath a thoirt a-steach san 19mh Linn.

Fhuair pròiseact a tha ag amas air feòragan ruadh a dhìon ann an Alba tabhartas de £2.5m bhon Chrannchur Nàiseanta.

Tha an sgeama a' feuchainn ri lùghdachadh a thoirt air àireamh nam feòragan liath ann an ceann a deas agus meadhan na dùthcha - agus cur às dhaibh uile gu lèir ann an Obair Dheathain.

Ged a tha feòragan ruadh dùthchasach do dh'Alba, tha na h-àireamhan aca air a bhith a' crìonadh bho chaidh feòragan liath a thoirt a-steach san 19mh Linn.

Airson ochd bliadhna a-nis, tha oidhirp air a bhith ga dèanamh gus àireamhan nam feòragan liath a lùghdachadh ann an àiteachan mar Obair Dheathain agus Siorrachd Obair Dheathain.

Chaidh mu 10,000 dhiubh a mharbhadh - rud a th' air ruaig a chur orra air an tuath, 's iad a-niste nas fhaisge air baile Obar Dheathain.

A-nis thathas an dòchas cur às dhaibh buileach anns an ear-thuath, agus smachd fhaighinn air àireamhan ann an ceann a deas agus meadhan na h-Alba.

Tha cuid a' càineadh pròiseact a tha a' taobhadh ri aon seòrsa feòraige, seach seòrsa eile, ach tha luchd-glèidhteachais ag ràdh gun deadh na feòragan ruadh à bith buileach mura b' e leithid de dh'oidhirpean.