Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An Gearran 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Fo-thaghaidhean

Thuirt Ceannard nan Làbarach, Jeremy Corbyn, nach seas e sìos, sin a dh'aindeoin mar a chaill a phàrtaidh fo-thaghadh Chopeland ann na Cumbria. Ghabh na Tòraidhean an sgìre-taghaidh a th' air a bhith ann an làmhan nan Làbarach fad 80 bliadhna. Sin a' chiad uair ann an 35 bliadhna a tha pàrtaidh riaghlaidh air seat a thoirt bho phàrtaidh eile ann am fo-thaghadh. Anns an fho-thaghadh eile, ghlèidh na Làbaraich Stoke on Trent, 's iad còrr air 1,500 bhòt air thoiseach air Paul Nuttall bho UKIP.

Na Làbaraich

Aig a' cheart àm tha co-labhairt Pàrtaidh Làbarach na h-Alba air tòiseachadh ann am Peairt madainn an-diugh. Tha riochdairean a' deasbad plana airson structair fheadaralaich dhan Rìoghachd Aonaichte, rud a tha am pàrtaidh ag ràdh a dh'ùraicheas deamocrasaidh ann am Breatainn. Thuirt ceannard a' phàrtaidh an Alba, Kezia Dugdale, gu bheil i fhèin agus ceannard nàiseanta a' phàrtaidh, Jeremy Corbyn, air an aon ràmh air a' phoileasaidh sin.

Banca Rìoghail na h-Alba

Thuirt àrd-oifigear RBS, Ros MacEoghain, gu bheil e an dòchas gun tèid aig a' bhanca air prothaid a dhèanamh an ath-bhliadhna. Sin a dh'aindeoin 's gun do dh'fhoillsich iad call de £7bn an-diugh airson na bliadhna an-uiridh. Seo an naoidheamh bliadhna sreath a chèile a chaill am banca airgead.

Sreapadair

Chaidh sreapadair a bhàsaich ann am beanntan a' Mhonaidh Ruaidh na bu thràithe air an t-seachdain ainmeachadh. B' e Owen Griffiths, 25, à Evesham ann an Worcestershire. Thuit Mgr Griffiths agus e a' coiseachd ann an sgìre Choire an t-Sneachda, Dimàirt.

Mosul

Tha aithrisean à baile Mosul ann an Iorac gu bheil feachdan an Riaghaltais air a dhol a-steach gu coimhearsnachd air taobh siar a' bhaile. Ghabh iad smachd air port-adhair a' bhaile an-dè, agus an iomairt aca an aghaidh na Stàite Ioslamaich san dùthaich a' leantainn.

Brian McAndie

Tha fear aois 23 bliadhna ga cheasnachadh leis na Poilis an co-cheangail ri murt Brian McAndie ann an Siorrachd Obar Dheathain. Chaidh Mgr McAndie, a bha 67, fhaighinn marbh na dhachaigh ann am Bad na Sgòth, faisg air Ràth Thormoid, anns a' Mhàrt an-uiridh.

Trom-inntinn

Tha àrd-sgoil ann an tè de na sgìrean as bochda ann an Glaschu a' tabhann cùrsa do chloinn, phàrantan agus luchd-teagaisg air ciamar a ghabhas dèiligeadh le trom-inntinn. Fhuair sgeama pìleat ann an Àrd-Sgoil an Naomh Pòl ann am Pollok, gun robh timcheall air 40% de sgoilearan air a' cheathramh bliadhna a' fulang le iomnaidh agus trom-inntinn. An dèidh dhaibh an cùrsa a dhèanamh bha an àireamh sin a' tuiteam timcheall air an dàrna leth.