Muileann Chàrlabhaigh ga ceannach air £1

  • 24 An Gearran 2017
Clò Mòr Image copyright Thinkstock

Chaidh Muileann Chlò Chàrlabhaigh ann an Leòdhas a reic ri companaidh ùir, Carloway Mill Ltd, airson £1.

Chaidh a' mhuileann ann an rianachd toiseach na bliadhna an-uiridh, mus deach a cur air a' mhargaidh.

Chaidh a' chompanaidh ùr a' stèidheachadh bho chionn dà mhìos, agus bithear a' gabhail a-null 17 duine de luchd-obrach, agus muileann a tha feumach air uidheamachd ùir.

Tha an luchd-obrach air a bhith ag obair trì làithean san t-seachdain o chionn ùine.

Tha bliadhna dhuilich air a bhith aig a' mhuilinn, ach tha dòchas ann gun gabh adhartas a dhèanamh.

"Tha sinn an dòchas gum faigh sinn òrdughan a-steach," thuirt tè de stiùirichean na companaidh ùire, Anna Dhòmhnallach.

"Ri linn na mì-chinnt mun mhuilinn, tha e air a bhith duilich, ach tha sinn a' dol a dh'fheuchainn rudan eadar-dhealaichte, 's dòcha, rudan ùra, ach tha sinn cuideachd a' dol a chumail a' dol air adhart anns a' mhuilinn fhèin."