Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An Gearran 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Stoirm Doris

Tha Stoirm Doris air buaidh a thoirt air còmhdhail tron mhadainn air feadh phàirtean mòra de dh'Alba, le gaoith làidir, uisge trom agus sneachda air a bhith ann. Tha na trioblaidean as motha air a bhith air an M80, a chaidh a dhùnadh gach taobh air sgàth an t-sneachda. Tha sneachda trom cuideachd air a bhith a' toirt droch bhuaidh air Siorrachd Pheairt, air an A9 agus air na Crìochan. Aig a' cheart àm, tha mu 7,000 dachaigh ann an Èirinn a Tuath às aonais cumhachd an dealain ri linn na stoirme.

BBC

Thuirt stiùiriche a' BhBC ann an Alba, Donalda NicFhionnghain, gum bu chòir "brath a ghabhail" air leasachadh a' chraoladair gus barrachd Gàidhlig a chur air BBC ALBA. An-dè, dh'fhoillsich am BBC seanail ùr Albannach agus còrr air £1m do sheanail na Gàidhlig. A' bruidhinn às dèidh dhi fianais a thoirt do Chomataidh na Pàrlamaid Albannaich, thuirt i gun robh "deagh phuing" aig an fheadhainn a tha ag ràdh gum bu chòir nas lugha de Bheurla a bhith air BBC ALBA agus seanail ùr Beurla gu bhith ann. Nochd i cuide ri Àrd-Stiùiriche a' BhBC, Tony Hall, mu choinneimh Chomataidh a' Chultair ann am Pàrlamaid na h-Alba tron mhadainn an-diugh.

Buidseat

Tha dùil gun tèid buidseat Riaghaltas na h-Alba tron ìre mu dheireadh ann am Pàrlamaid na h-Alba a-nochd fhathast. Thàinig Rùnaire an Ionmhais, Derek MacAoidh, gu aonta le na h-Uainich a bhios a' ciallachadh gum faigh na planaichean cead. Nam measg tha tuilleadh taic ann dhan NHS, taigheadas agus sgoiltean. Ach tha dùil gum bhòt na pàrtaidhean eile an aghaidh nam planaichean.

Imreachd

Sheall figearan ùra gun deach àireamhan in-imrichis am Breatainn sìos thairis air a' bhliadhna chun na Sultaine an-uiridh. Tha na figearan a' sealltainn an diofair eadar an àireamh dhaoine a tha a' tighinn a-steach a Bhreatainn a dh'fhuireach an taca ris an àireamh a tha a' fàgail na dùthcha. Tha an àireamh a-nis aig 273,000, sìos faisg air 50,000 bhon bhliadhna an-uiridh.

Earra-Ghàidheal

Tha dùil gun aontaich comhairlichean Earra-Ghàidheal 's Bhòid an-diugh ri cìs na comhairle a chur suas 3%. Tha comhairlichean dùbhlanach ag ràdh gum bu chòir an t-airgead a thèid a thogail a chosg air seirbheisean cùraim do dh'inbhich. Aig a' cheart àm dh'aontaich Comhairle Shiorrachd Dhùn Bhreatainn an-diugh gun cìs na comhairle a chur suas, 's tha beachd ann gun dèan Comhairle Shruighlea mar an ceudna nas fhaide den là.