Bu chòir "brath a ghabhail" air leasachadh a' BhBC

  • 23 An Gearran 2017
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Leasachadh a' BhBC cothrom do BhBC Alba a-rèir Ceannard a' BhBC ann an Alba

Thuirt Stiùiriche a' BhBC ann an Alba, Donalda NicFhionnghain, gum bu chòir "brath a ghabhail" air leasachadh a' chraoladair gus barrachd Gàidhlig a chur air BBC Alba.

Diciadain, dh'fhoillsich am BBC sianal ùr Albannach agus còrr is £1m don t-sianal Ghàidhlig.

A' bruidhinn às dèidh dhi fianais a thoirt do Chomataidh na Pàrlamaid Albannaich, thuirt i gun robh "deagh phuing" aig an fheadhainn a tha ag ràdh gum bu chòir nas lugha de Bheurla a bhith air BBC Alba agus sianal ùr Beurla gu bhith ann.

Nochd i cuide ri Àrd-Stiùiriche a' BhBC, Tony Hall, mu choinneimh Comataidh a' Chultair ann am Pàrlamaid na h-Alba nas tràithe Diardaoin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo