100 uair de phrògraman a bharrachd do BhBC ALBA?

  • 23 An Gearran 2017
BBC ALBA

Dh'fhaodadh BBC ALBA còrr air 100 uair de thìde a bharrachd de phrògraman ùra fhaighinn gach bliadhna, mar thoradh air maoineachadh ùr bhon BhBC.

Sin a rèir Stiùiriche a' BhBC ann an Alba, Donalda NicFhionnghain.

Chaidh innse Diciadain gum faigh am BBC ann an Alba £20m a bharrachd anns a' bhliadhna, agus mar phàirt dheth sin, cuiridh am BBC £1.2m a bharrachd ri BBC ALBA.

Ged a bha MG ALBA ag iarraidh barrachd bhon BhBC, bha cathraiche na buidhne, Magaidh Choineagain, an ìre mhath air a dòigh.

Bha i ag ràdh cuideachd gu bheil mòran obrach ri dhèanamh.

"Tha e a' ciallachadh, tha mise a' smaoineachadh, nach bi 's dòcha uimhir de dhùbhlan air BBC ALBA mar a tha e a' seasamh an ceartuair, air an obair a tha iad a' dèanamh airson luchd-amhairc aig nach eil Gàidhlig," thuirt i.

"Agus mar sin tha e cudromach gun coimhead sinn air dè an dleastanas a tha gu bhith aig BBC ALBA, còmhla ris an dleastanas a tha gu bhith aig an t-sianail ùr BBC Scotland.

"Mar sin tha tòrr obrach ri dhèanamh."

Tuilleadh air an sgeulachd seo