Leasachadh aig Kallin Shellfish

  • 23 An Gearran 2017
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Taic-airgid do chompanaidh èisg Uibhistich

Thèid obair-leasachaidh luach £200,000 a chur air chois aig factaraidh èisg ann an Uibhist.

Fhuair Kallin Shellfish taic-airgid de £80,000 bho Stòras an Iasgaich agus na Roinn Eòrpa.

Tha iad am measg 41 companaidh air feadh Alba a tha a' dol a dh'fhaighinn taic.

'S i tè de na companaidhean as motha ann an Uibhist, agus tha suas ri 30 duine ag obair aig an fhactaraidh ann an Griomsaigh.

'S ann gus goireasan reothaidh a bharrachd a stèidheachadh a tha an obair-leasachaidh, a thuilleadh air barrachd àite fhaighinn airson stuth a phasgadh, agus aonad nìghe aodaich.

Chuir stiùiriche na companaidh, Eachann Stiùbhart, fàilte air an taic-airgid, agus e ag ràdh gun toir e dhaibh an cothrom a-niste a dhol air adhart leis na planaichean, a bhios a' ciallachadh gum faigh iad air tuilleadh taic a thoirt do ghnìomhachas an iasgaich.

Thuirt e gum biodh na goireasan ùra airson stuth a reothadh gu h-àraid cudromach, leis gum faigh iad an uair sin air stuth a ghlèidheadh nuair nach bi an aiseag a' seòladh.