Rabhadh orains mu Stoirm Doris

  • 23 An Gearran 2017
Sneachda

Tha rabhadh orains bho Oifis na Sìde ann airson a' mhòr-chuid de mheadhan agus taobh a deas na h-Alba Diardaoin, agus stoirm Doris a' toirt sneachda trom agus gèilltean 80 m.s.u. na cois.

Aig an ìre seo, tha na rathaidean air fad fhathast fosgailte, ach a-mhàin cuid de rathaidean àrda ann an sgìre Roinn a' Mhonaidh agus Earra-Ghàidheal.

Tha Còmhdhail na h-Alba a' toirt rabhaidh do dhràibhearan a bhith air am faiceall ge-tà.

Tha sgioba thar-bhuidhne air a bhith air chois fad na h-oidhche a' co-òrdanachadh mar a bu chòir dèiligeadh ri trioblaidean sam bith a thig an cois na stoirme.

Tha iad ag amas air fuasgladh fhaighinn gu sgiobalta air duilgheadasan sam bith, agus ceanglaichean còmhdhail agus eile air feadh na h-Alba a chumail a' gluasad.

Tha luchd-aithris na sìde ag ràdh gun lean uige, sneachda agus gaoth tro chuid mhath de dh'Alba airson a' chuid as fheàrr den là Diardaoin, agus gur e taobh a deas agus taobh sear na dùthcha as miosa a dh'fhulaingeas.