Bòdaich air tarraing a-mach às an Lìog Nàiseanta

  • 23 An Gearran 2017
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Eilean Bhòid a-mach às an Lìog Nàiseanta.

Thàinig buille air thoiseach air seusan ùr na h-iomain is Eilean Bhòid air tarraing a-mach às an Lìog Nàiseanta.

Tha ceistean air a bhith air Bòd mar chluba bho thùs mun Lìog Nàiseanta is a' mhòr-chuid de na sgiobaidhean san fharpais stèidhichte aig tuath.

Dh'innis Comann na Camanachd gun d' fhuair iad fios bhon chluba air an 11mh den mhìos gun robh iad airson tarraing a-mach às an fharpais, oir bha na cluicheadairean den bheachd gun robh uallaichean teaghlaich is obrach a' fàgail gum biodh an Lìog Nàiseanta agus an siubhail a tha na lùib cus dhaibh.

Thuirt Eilean Bhòid gum biodh aca ri tarraing a-mach ro dheireadh an t-seusain fiù 's nan tòisicheadh iad san Lìog Nàiseanta, is gum biodh e na b' fheàrr a dhèanamh aig toiseach ghnothaich.

Dh'iarr iad gun cluicheadh a' chiad sgioba aca ann an Lìog Deas 1, is an dàrna sgioba ann an Lìog Deas 2 mar a bha dùil co-dhiù.

Còmhradh

Ged a dh'iarr Comann na Camanachd air a' chluba còmhradh a-rithist ris na cluicheadairean mun ghnothach, thill Eilean Bhòid a ràdh nach robh iad idir 'son cluich aig ìre nàiseanta, ach gun robh iad gu mòr 'son leantainn orra le dà sgioba aig deas.

Dh'innis an cluba gun cailleadh na cluicheadairean as òige aca cothrom mura biodh aca ach aon sgioba ann an Lìog Deas 2.

Thuirt Comann na Camanachd gum biodh iad buailteach, a rèir nan riaghailtean aca, a chur an aghaidh an iarrtais.

Thuirt an comann, ge-tà, gun do dh'aontaich iad, gu mòr gan aindeoin, gabhail ris gus dà sgioba a ghlèidheadh ann an Eilean Bhòid.

Caillidh Eilean Bhòid 8 puingean nuair a thòisicheas iad ann an Lìog Deas 1.

Dhearbh Comann na Camanachd, le seusan ùr air fàire, nach tòisich iad air clàr nan geamaichean a sgrìobhadh às ùr.

Tàmh

Bha 9 sgiobaidhean gu bhith anns an Lìog Nàiseanta, is feuchaidh iad far an gabh a dhèanamh gun cluich an sgioba a bha gu bhith nan tàmh gach seachdain an aghaidh na sgioba a bha gu bhith a' cluich an aghaidh Eilein Bhòid.

Nì iad an aon rud le Lìog Deas 1, far an robh 9 sgiobaidhean gu bhith, is an aon sgioba a bha gu bhith nan tàmh a' dol an aghaidh Bhòid far an obraich sin.

Leis a' mhì-chinnt a th' ann, thuirt Comann na Camanachd gum bi dàil ann am foillseachadh nan geamaichean.

'S e seo an treas bliadhna ann an sreath a thàinig air Comann na Camanachd gnothaichean atharrachadh goirid ro sheusan ùr is clubaichean a' tarraing a-mach à farpaisean.

Dh'innis Gleann Urchaidh ann an 2015 nach robh iad 'son cluich san Lìog Nàiseanta, is thàinig brath bho Shrath Chura goirid ro sheusan 2016 gun robh iad a' tarraing a-mach às an spòrs buileach glan, ged a thilleas iad am-bliadhna.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile