Chaidh clàr-ama ball-coise Geamannan nan Eilean Gotland 2017 fhoillseachadh an-diugh

  • 22 An Gearran 2017
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Sgioba ball-coise WIIGA ann an Jersey

Chaidh clàr-ama geamannan ball-coise Gotland 2017 fhoillseachadh Diciadain, le sgiobaidhean WIIGA le chèile gu bhith cluich a' chiad geama aca air Didòmhnaich an 25mh den t-Òg-mhios.

Cluichidh sgioba nam fear an aghaidh A' Ghraonlann an toiseach, le Gotland agus Froya cuideachd sa bhuidheann aca.

Tha sgioba nam ban an aghaidh Åland sa chiad gheama acasan, 's iad an uairsin gu bhith cluich Eilean Mhanainn agus Ynys Môn.

Geamaichean sgioba nam fear

Didòmhnaich 25mh den t-Òg-mhios A' Ghraonlann v Nan Eilean Siar 5uf Säve
Diluain 26mh den t-Òg-mhios Nan Eilean Siar v Gotland 5uf Dalhem
Dimàirt 27mh den t-Òg-mhios Froya v Nan Eilean Siar 5uf Säve

Thèid nan iar-chuairtean dheireannach a' chluich air Diardaoin 29mh den t-Òg-mhios, leis a chuairt dheireannach agus an geama airson an 3s/4mh àite air a' chluich air Dihaoine an 30mh latha den t-Òg-mhios.

Geamaichean sgioba nam ban

Didòmhnaich 25mh den t-Òg-mhios Åland v Nan Eilean Siar 1uf Stenkyrka
Diluain 26mh den t-Òg-mhios Nan Eilean Siar v Eilean Mhanainn 1uf Fårösund
Diciadain 28mh den t-Òg-mhios Nan Eilean Siar v Ynys Môn 5uf Säve

A' rithist, thèid nan iar-chuairtean dheireannach a' chluich air Diardaoin 29mh den t-Òg-mhios, leis a chuairt dheireannach agus an geama airson an 3s/4mh àite air a' chluich air Dihaoine an 30mh latha den t-Òg-mhios.