Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 An Gearran 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

BBC

Thuirt am BBC an-diugh gun cruthaich iad sianail ùr telebhisein do dh'Alba air am bi an t-ainm BBC Scotland. Bidh prògram naidheachdan uair de thìde aig naoi uairean a dh'oidhche am measg nan rudan ùra a bhios air an t-sianail. Tha dùil gun tèid timcheall air 80 cosnadh ùr a chruthachadh ann an naidheachdan. Gheibh an t-sianail timcheall air £30m anns a' bhliadhna. Tòisichidh e as t-Fhoghar an ath-bhliadhna. Cuideachd, chaidh dearbhadh an-diugh gum bi maoineachadh ri fhaighinn airson naidheachdan Gàidhlig a leudachadh air an deireadh-sheachdain.

Prìomh Chùirt

Tha riaghailtean tuarastail, a tha a' cur stad air na mìltean à Breatainn bho bhith a' toirt nan cèilean-pòsta aca à dùthchannan cèine dhan dùthaich seo "laghail ann am prionnsabal", a rèir na Prìomh Chùirt. Dhiùlt britheamhan gabhail ri tagradh a rinn teaghlaichean gun robh e an aghaidh chòraichean daonna.

Bàs sreapadair

Dhearbh na Poilis anns an Aghaidh Mhòir gun do bhàsaich sreapadair a thuit anns a' Mhonadh Ruadh an-dè. Bha an duine, a bha anns na ficheadan, air tuiteam ann an Coire an t-Sneachda, agus e a-muigh leis fhèin. Chaidh a thoirt dhan ospadal ann an Obar Dheathain le heileacoptar teasairginn feasgar an-dè, ach thuirt na Poilis an-diugh gun do chaochail e an sin. Cha deach ainmeachadh fhathast, ach thuirt na Poilis nach buineadh e do sgìre na h-Aghaidh Mòire.

Muileann Chàrlabhaigh

Tha coltas ann gun tèid muileann chlò Chàrlabhaigh ann an Leòdhas a reic airson Not. Fhuair luchd-earrannan fios nach bi iad a' faighinn càil airson an cuid earrannan, agus companaidh a chaidh ùr-stèidheachadh, The Carloway Mill Earranta, an dùil an t-àite a cheannach. An-dràsta, tha mu 18 duine ag obair sa mhuilinn.

Prìosanach

Chuir na Poilis prìosanach nach do thill gu prìosan fosgailte Hunndaidh an grèim. Chaidh James John Boyle a chur an grèim ann an sgìre Ghlaschu. Tha ceala-deug bho dh'fhàg e am prìosan, a tha faisg air Dùn Dè.