Leudachadh air togail shrùban an Uibhist?

  • 22 An Gearran 2017
Srùbain Image copyright Getty Images

Sheall sgrùdadh ùr air pailteas agus meudachd an t-srùbain air tràighean ann an Uibhist, gu bheil cothrom math ann fhathast an gnìomhachas a leudachadh.

Ach, airson a' chùis a thoirt air adhart, chuala coinneamh ann am Beinn nam Fadhla, gu bheil fuasgladh a dhìth air cuid de riaghailtean, agus gu bheil stiùireadh teann cudromach airson a chumail seasmhach.

Thathas an dùil gun tèid buidheann ùr a' stèidheachadh aig coinneimh de Chomann Iasgairean nan Eilean Siar Dihaoine a shealladh ris an t-srùban fhèin, coltach ri mar a th' ann mar thà airson maorach eile.

"Thathar air rannsachadh stuic a dhèanamh, agus a-nis thathar air rannsachadh a dhèanamh air dè an àireamh feòla a th' anns na srùbain anns a h-uile mìos den bhliadhna, thuirt Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Dhonnchadh MacAonghais.

Riaghailtean

"Dh'fheumadh an dà rud a tha sin a bhith air a dhèanamh airson sa chiad àite faicinn an dòigh air adhart airson riaghladh an stuic.

"Nuair a choimheadas sinn ris an aois a tha na srùbain, tha diofar thràighean a' sealltainn gu bheil tòrr de shrùbain bheaga ann, agus tha feadhainn eile ann a tha le tòrr de shrùbain aosta ann.

"Mar a tha sinn a' coimhead air adhart, dè an adhbhar a tha an fheadhainn bheaga ann 's nach eil iad a' fàs mòr, feumaidh sinn rannsachadh saidheansail a dhèanamh - a bheil cus de dh'fheadhainn bheaga ann, agus tha iad cho tiugh air an tràigh agus nach eil iad a' faighinn cothrom fàs mòr?

"Tha sinn air faicinn rudan mar sin a' tachairt ann an seòrsaichean eile - maorach gu h-àraid. Feumaidh iad a bhith air an tanachadh a-mach às a' ghrunnd, airson tòrr a bharrachd ghrunnd a bhith aca airson fàs nas motha.

"Agus mar sin, bidh sinn a' deasbad Dihaoine nam beachdan a th' air an togail an seo a-nochd, far am bi eòlaichean saidheansail, gus bidh SNH (Dualchas Nàdair na h-Alba) ann, agus bithear a' coimhead air adhart air dè an dòigh as fheàrr an t-iasgach a thoirt air adhart.

"Nuair a thèid structar a chur air dòigh, feumaidh riaghailtean a bhith ann ach am bi an t-iasgach a tha sin seasmhach, agus bidh sin a' ciallachadh gum bi àireamh àraid de cheadan a thèid a thoirt seachad airson togail shrùban.

"Cuideachd gum bi làithean den t-seachdain nach bi e ceadaichte a bhith gan togail, agus cuideachd a' coimhead gum bi 's dòcha amannan den bhliadhna far am bi iad a' spòrnadh, nach biodh e iomchaidh a bhith gan togail an uair sin," thuirt e.