Airgead a bharrachd do chraoladh Gàidhlig

  • 22 An Gearran 2017

Dh'fhoillsich Àrd-stiùiriche a' BhBC, Am Morair Hall, gun tig àrdachadh £1.2m air na thathas a' cosg air an t-sianal Ghàidhlig BBC ALBA.

Tha dùil cuideachd ri tuilleadh naidheachdan Gàidhlig air an deireadh-sheachdain mar phàirt den chrathadh a chaidh fhoillseachadh air seirbheisean a' BhBC ann an Alba.

Thèid sianal telebheisein ùr a chur air dòigh ann an Alba, air am bi BBC Scotland, le buidseat de £30m.

Tha dùil gun tòisich an sianal ùr a' craoladh as t-Fhoghar an ath-bhliadhna.

Timcheall a' BhBC