Urram do thràigh Losgaintìr

  • 22 An Gearran 2017
Tràigh Losgaintìr Pic: Iain Maclean Image copyright Iain MacLean
Image caption Nochd an tràigh air a' cheathramh àite air an liosta

'S e tràigh Losgaintìr anns na Hearadh an aon tràigh ann an Alba air liosta dhen fheadhainn as fheàrr anns an Rìoghachd Aonaichte.

Tha i anns a' cheathreamh àite air an liosta a rinn an làrach-lìn TripAdvisor, air cùlaibh traighean ann an Dorset, anns a' Chòrn agus ann an Jersey.

Chaidh an liosta a chur ri chèile a-rèir nam beachdan agus measaidhean a chaidh fhàgail air an làraich-lìn thairis air bliadhna.

Thuirt Ailean MacCoinnich bho VisitScotland gu bheil e gu h-àraidh math gur ann bhon phoball fhèin a thàinig am moladh seo.

Tha dùil aige cuideachd gu bheil measaidhean mar seo a' tàladh tuilleadh luchd-turais dhan àite.

"Chunnaic sinn bho chionn bliadhnaichean air ais nuair a bha na h-Eileanan a' faighinn duaisean airson nan àitean as fheàrr a bhith beò - agus diofar rudan eile airson faicinn agus a bhith a' feuchainn a-mach - tha iad air a bhith a' tarraing dhaoine agus tha daoine a' cur tòrr luach ann am beachdan dhaoine eile".

Sanasachd

Tha Ailean MacCoinnich a' dèanamh dheth gun gabhadh barrachd a dhèanamh airson tràighean nan Eilean Siar a shanasachd do luchd-turais.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e sealladh annasach a th' ann dhaibh nuair a thig iad 's nuair a chì iad na tràighean. Tha cuimhn' agam fhìn a bhith a' sanasachd nan tràighean 's cha robh iad a' creidsinn gu bràth gum buineadh iad dhan na h-Eileanan Siar - bha iad a' smaoineachadh gu robh iad anns a' Charibbean neo aiteigin coltach ri sin ".

'S e traigh Weymouth ann an Dorset a thàinig aig mullach na liosta airson na Rìoghachd Aonaichte, agus chaidh Baia do Sancho ann am Braisil ainmeachadh mar an tè as fheàrr air feadh an t-saoghail.

Fhuair Ruairidh MacÌomhair facal air Ailean MacCoinnich bho VisitScotland Innse Gall...

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile