Seann bhoma air tràigh Ros Mhaircnidh

  • 22 An Gearran 2017
Tràigh Ros Maircnidh Image copyright Brian MacLennan/Geograph
Image caption Tha dùil ri sgioba Diciadain airson am boma a dhèanamh sàbhailte.

Tha am poball ga chasg bho thràigh Ros Mhaircnidh anns an Eilean Dubh às dèidh mar a chaidh lorg fhaighinn air seann bhoma.

Chaidh fios a chur air na Maoir-Chladaich feasgar Dimàirt, agus bha iad ri faire tron oidhche airson daoine a chumail air falbh.

Tha dùil gur e seann bhoma cogaidh a th' ann, agus thig sgioba bhon Chabhlach Rìoghail Diciadain airson a dhèanamh sàbhailte.