Muileann Chàrlabhaigh gu bhith air a reic airson £1

  • 22 An Gearran 2017
Clò
Image caption 'S e companaidh a chaidh ùr-stèidheachadh a tha an dùil a' mhuileann a cheannach.

Tha muileann chlò Chàrlabhaigh ann an Lèodhas an impis a bhith air a reic airson £1.

Chaidh innse dha luchd nan earrainean nach faigh iad càil airson nan earrainean a th' aca.

Thàinig fios aig toiseach na bliadhna an-uiridh gun robh a' mhuileann an impis a dhol ann an rianachd, ach chaidh an uair sin a cur air a' mhargaidh.

Bha coltas ann aig deireadh na bliadhna an-uiridh gun robh cuideigin a' dol ga ceannach, ach cha tàinig sin gu buil.

'S e companaidh ùr a chaidh a chur air chois san Dùbhlachd, The Carloway Mill Ltd, a tha a-nis a' feitheamh ris a' mhuileann a cheannach.

Feumar aonta fhaighinn fhathast bho na stiùirichean a th' air a' mhuilinn an-dràsta, agus bho luchd nan earrainean.

Tha mu 18 neach ag obair anns a' mhuilinn an dràsta, 's iad ag obair mu thrì là san t-seachdain.

Ma thèid gabhail ris na planaichean dh'fhaodadh a' mhuileann a bhith air a reic an ath-sheachdain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo