Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An Gearran 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Abhainn Eireachd

Dh'ainmich na Poilis am balach, dà bhliadhna de dh'aois, a bhàsaich ann an Abhainn Eireachd ann an Siorrachd Pheairt. Chaidh Jacob Mac an t-Saoir a dhìth bho a dhachaigh madainn na Sàbaid.

Holyrood

Dhearbh Rùnaire an Ionmhais, Derek MacAoidh, gum foillsich e planaichean airson gnìomhachasan a chuideachadh. Tha mòran air a bhith a' gearain mu àrdachadh ann an cìsean gnothachais. Cuideachd an-diugh bidh bhòt eachdraidheil aig buill Holyrood airson ìre Albannach de chis chosnaidh a stèidheachadh.

HSBC

Tha earrainnean ann an HSBC air tuiteam gu mòr às dèidh dhan bhanca innse gun robh na prothaidean bliadhnail aca sìos. Rinn am banca, a tha stèidhichte an Lunnainn, prothaid ro chìsean de £5.7bn ann an 2016. Bha sin sìos 62% an coimeas ri 2015.

Luchd-cùraim Òg

Tha còrr air cairteal den luchd-cùraim òg an Alba a' coimhead às dèidh cuideigin nan aonar, a rèir sgrùdaidh ùir. Fhuair an sgrùdadh cuideachd gun robh iad na bu dualtaiche a bhith a' fulang le trom-inntinn na ògannaich eile.

Factaraidh Biadh-èisg

Nì comhairlichean Gàidhealach co-dhùnadh an-diugh air planaichean airson factaraidh a dhèanadh biadh-èisg anns an Eilean Sgitheanach. Tha a' chompanaidh Marine Harvest ag ràdh gun tèid mu 50 cosnadh a chruthachadh leis an ionad ùr, a bhiodh faisg air Drochaid an Eilein Sgitheanaich. Bhiodh cuid de na togalaichean cho mòr ri 50 meatar de dh'àirde, agus similear 60 meatar de dh'àirde na lùib. Bhiodh sin ri fhaicinn bhon drochaid fhèin, agus bhiodh an cidhe a th' ann air a leasachadh cuideachd.

Machaire Shànais

Tha suas ri 60 cosnadh ann an cunnart aig factaraidh chrann-gaoithe ann an Cinn Tìre. Thuirt a' chompanaidh à Coirea, CS Wind, gum bi iad a' beachdachadh air gearraidhean ri linn 's gu bheil na h-òrdughan aca sìos. Tha 150 duine ag obair aca ann am Machaire Shànais. Thuirt Ball-Pàrlamaid Albannach Earra-Ghàidheal is Bhòid, Mìcheal Ruiseal, gu bheil e an dòchas nach bi trioblaidean na companaidh maireannach.

Prìs an Dealain

Nì Comhairle nan Eilean Siar oidhirp eile companaidh a lorg a thèid an sàs leotha le sgeama airson dealan nas saoire a thabhainn air muinntir nan eilean. Tha iad an dùil gun sàbhaileadh sin na ceudan notaichean sa bhliadhna do chuid. Bha iad ron seo an sàs ann an co-bhann le GB Energy, ach chaidh a' chompanaidh sin fodha.