Cead ga thoirt do thuath-gaoithe aig muir

  • 21 An Gearran 2017
Ìomhaigh de na crainn Image copyright Hexicon AB
Image caption Chaidh dragh a thogail mun bhuaidh a bheireadh na crainn air coltas an àite.

Thug comhairlichean Gàidhealach cead do tuath-ghaoithe air flod far chosta Ghallaibh.

'S e companaidh às an t-Suain, Hexicon AB - a th' air cùl nam planaichean airson dà chrann a bhios suidhichte mu thrì mìle a-mach gu muir bho Dhùnrath.

Tha dùil gun cruthaich an tuath-gaoithe 10MW de chumhachd - a chumas dealan ri mu 8,000 dachaigh.

Bha Comhairle Choimhearsnachd Mhealbhaich air cur an aghaidh an leasachaidh 's iad ag ràdh gum milleadh an dà chrann-gaoithe na seallaidhean a tha a' tàladh mòran dhan sgìre, agus gum faodadh sin ceist a chur mu choinneimh sgoil agus dachaigh cùraim na sgìre.

Bidh càball fon mhuir agus ionad dealain cuideachd an cois an leasachaidh.