60 obair ann an cunnart ann an Cinn Tìre

  • 21 An Gearran 2017
Crann-gaoithe Image copyright Raymond Hosie
Image caption Chan eil bliadhna ann bho ghabh CS Wind thairis an fhactaraidh

Tha suas ri 60 cosnadh ann an cunnart aig factaraidh ann an Cinn Tìre a bhios a' dèanamh chrann-gaoithe.

Chaidh innse dhan 150 duine a tha ag obair aig ionad CS Wind ann am Machaire Shànais nach eil òrdughan gu leòr aca 's gum faodadh cuid de na h-obraichean aca falbh.

Thuirt Ball-Pàrlamaid Albannach Earra-Ghàidheal 's Bhòid, Mìcheal Ruiseal, gur e briseadh-dùil a tha seo dhan sgìre 's nas lugha na bliadhna ann bho ghabh a' chompanaidh thairis an t-ionad.

Thuirt e gu bheil coltas ann gur e nas lugha iarrtais airson chrann-gaoithe air tìr a tha a' toirt buaidh air a' chompanaidh, ach gu bheil iad an dòchas brath a ghabhail air na cothroman airson tuathan-gaoithe aig muir a thogail.

Thuirt e gun robh e an dòchas mar sin gun tig àrdachadh air àireamh an luchd-obrach a-rithist.