Factaraidh biadh-èisg ùr anns an Eilean Sgitheanach

  • 21 An Gearran 2017
Ìomhaigh den ionad a th' anns an amharc Image copyright Marine Harvest
Image caption Tha dùil gun cruthaich an t-ionad còrr air 50 cosnadh.

Chaidh gabhail ri planaichean airson factaraidh biadh-èisg ùr a thogail anns an Eilean Sgitheanach.

'S e a' chompanaidh àrach-èisg Marine Harvest a th' air cùl nam planaichean airson factaraidh, a chosgas mu £80m, a thogail ann an Caol Àcainn.

Thuirt a' chompanaidh gum biodh 55 cosnadh làn-ùine ann, 's obraichean a bharrachd fhad 's a bhiodh an fhactaraidh ga togail.

Chaidh cead a thoirt seachad Dimàirt airson grunn thogalaichean gnìomhachais, tancaichean-stòraidh agus similear a bhios 60m de dh'àirde.

Nochd cuid de chomhairlichean dragh ge-tà, mu mheud nan togalaichean.

Chaidh gabhail ris na planaichean 13 bhòtaichean gu 3.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile