"Taic a dhìth air coimhearsnachdan iomallach"

  • 21 An Gearran 2017
HIE
Image caption Bha planaichean an Riaghaltais airson cur às do bhòrd HIE am measg nan cuspairean air an deach bruidhinn.

Dh'iarr riochdairean na Gàidhealtachd 's nan Eilean gum biodh taic shònraichte ann do na sgìrean as iomallaiche ge be càit' am bi bòrd-stiùiridh HIE stèidhichte.

Nochd an t-iarrtas aig Co-chruinneachadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean a choinnich ann an Sealtainn Diluain.

Rinn riochdairean chomhairlean na sgìre soilleir ge-tà, nach robh iad airson 's gun deadh cur às do bhòrd-stiùiridh HIE, mar a tha Riaghaltas na h-Alba a' moladh.

Thuirt Fear-Gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, a bh' aig a' choinneimh, gum feum leasachadh a bhith ann aig ìre ionadail.

Tha an Riaghaltas air gealltainn nach toir na planaichean aca buaidh air an obair a tha HIE a' dèanamh.

Chaidh bruidhinn cuideachd air cuspairean leithid còmhdhail agus am bann-leathann - gnothaichean aig a bheil buaidh mhòr air sgìrean iomallach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo