Dealan nas saoire do mhuinntir nan Eilean Siar?

  • 21 An Gearran 2017
Tuath-gaoithe
Image caption Dh'fhaodadh dealan a chaidh a chruthachadh anns na h-Eileanan fhèin a bhith air a chur gu feum.

Tha Comhairle nan Eilean Siar dol a dh'fheuchainn a-rithist ri companaidh dealain a lorg a thèid ann an co-bhann leotha airson dealan nas saoire a thairgsinn do mhuinntir nan Eilean.

Dh'fheuch iad ri seo a dhèanamh roimhe, ach chaidh a' chompanaidh ris an robh iad a dèiligeadh, GB Energy, fodha.

Tha iad an dòchas gun sàbhail seo na ceudan notaichean do luchd-cleachdaidh gach bliadhna, agus gum faigh iad air dealan a chleachdadh a th' air a chruthachadh tro sgeamaichean ath-nuadhachail anns na h-Eileanan fhèin.

Thuirt Stiùiriche Leasachaidh Eaconamach na Comhairle, Calum Iain MacÌomhair, gu bheil iad air fios a chur a-mach gu companaidhean dealain 's gu bheil iad an dòchas gun nochd grunn dhiubh ùidh anns an sgeama.

"Tha sinn airson faicinn a bheil cothrom ann 'son dealan a chur a-mach dhan mhargaidh - co-obrachadh le companaidhean 'son feuchainn ri faighinn lùghdachadh air cosgais dealain dhan choimhearsnachd".

Sàbhalaidhean

Tha Mgr MacÌomhair ag ràdh gum feum iad feitheamh gus an tig tairgsean air ais thuca gus am bi fios aca dè na sàbhalaidhean a dh'fhaodadh a bhith an cois aonta mar seo do luchd-cleachdaidh nan Eilean Siar.

"Bha sinn a' faicinn leis a' chompanaidh mu dheireadh a bha a' co-obrachadh còmhla rinn gun lùghdaicheadh sinn cosgaisean mu thimcheall £150 a h-uile bliiadhna dha daoine anns na h-Eileanan".

"Chan urrainn dhuinn cantainn ri companaidhean gum feum iad a thighinn - mar sin tha sinn fosgailte dha dè na tairgsean a thig a-steach".

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile