Dragh mu sheirbhis fhiaclaireachd Mhuile
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Draghan gan togail mun t-seirbheis fiaclaireachd air eilean Mhuile

20 An Gearran 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha draghan air èirigh ann am Muile mun t-seirbheis fiaclaireachd, gu sònraichte aig ceann a deas an eilein.

Tha fiaclair a leigeil dheth a dhreuchd aig deireadh na mios, agus ged a chaidh an dreuchd a shanasachd - cha d'fhuair iad iarrtas sam bith fhathast.

Bhiodh an t-seann fhiaclair a' dol timchuil sgìrean iomallach le carbad - ach tha dragh ann a-nis gur dòcha gum bi aig daoine ri siubhail còrr is ceud mìle airson an fhiaclair fhaicinn ann a Tobar Mhòire.

Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris...