Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An Gearran 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Thèid an reachdas airson am pròiseas gus Breatainn a tharraing a-mach às an Aonadh Eòrpach a thòiseachadh a dheasbad ann an Taigh nam Morairean an-diugh. Chaidh am bile tro Thaigh nan Cumantan gun mòran strì, ach chan eil mòr-chuid aig an Riaghaltas ann an Taigh nam Morairean.

HIE

Cuirear tuilleadh ìmpidh air Riaghaltas na h-Alba na planaichean aca airson cur às do bhòrd-stiùiridh roinneil HIE a chur a dhara taobh aig coinneimh de Cho-chruinneachadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean an-diugh. Tha riochdairean comhairle agus ministearan Riaghaltas na h-Alba a' coinneachadh ann an Sealtainn. Tha dùil gum bi seirbheisean còmhdhail agus ceistean mu chumhachd cuideachd nan cuspairean aig a' choinneimh.

Aillse

Tha daoine a tha a' fulang le cuid de sheòrsaichean aillse 's a tha a' fuireach anns na sgìrean as bochda ann an Alba 98% nas buailtiche bàsachadh leis an tinneas na daoine bho na sgìrean as beairtiche. Thàinig an rabhadh bhon bhuidhinn chathrannais Taic Aillse Mhic a' Mhaoilein. Tha iad ag iarraidh gum bi barrachd fiosrachaidh ri fhaotainn ann an sgìrean bochda mu na deuchainnean a tha ri fhaotainn airson aillse.

Mosul

Thug na Dùthchannan Aonaichte rabhadh seachad gu bheil staing dhaonnachdail air taobh siar Mhosul, an aon bhaile air fhàgail ann an Iorac a tha fo smachd a' bhuidhinn ris an canar IS. Thòisich feachdan an Riaghaltais oidhirp às ùr an-dè am baile fhaighinn air ais.

Timothy Humphreys

Dh'fhoillsich na Poilis ainm an duine a bhàsaich nuair a bhuail càr ann ann an Gallaibh oidhche Haoine. Bha Timothy Humphreys 34 bliadhna agus a' fuireach ann an Taigh Iain Ghròt. Bhuail carbad BMW ann am Mgr Humphreys air an A836 faisg air Taigh-òsta Seaview. Tha na Poilis a' cur ìmpidh air duine sam bith a chunnaic duine a' coiseachd air an rathad eadar 11:30f agus meadhan-oidhche Dihaoine fios a chur thuca.

UKIP

Dh'fhàg dithis de dh'àrd-bhuill UKIP ann am Merseyside an dreuchdan ri linn na connspaid mu cheannard a' phàrtaidh Pòl Nuttall. An t-seachdain a chaidh thabhainn Mgr Nuttall a leisgeul an dèidh dha aideachadh gun robh an làrach-lìn aige a' dèanamh dheth gun do chaill e dithis dhlùth-charaidean ann an Hillsborough, rud nach robh fìor. Thuirt e gun robh cuideigin eile air an earrann sin den làraich-lìn aige a sgrìobhadh.

Teine

Chaidh casaid a thogail an aghaidh fireannaich, 25 bliadhna, co-cheangailte ri teine ann an caladh Dhùn Dè. Bha an t-adhar os cionn a' bhaile dubh le ceò an dèidh do mhullach tanca-uisge a dhol na theine Diardaoin. Tha dùil gun nochd an duine ann an Cùirt an t-Sìorraidh ann an Dùn Dè an-diugh.