Dithis fhireannach air nochdadh sa chùirt

  • 21 An Gearran 2017
Seacaid phoilis

Nochd dithis fhireannach sa chùirt ann an Inbhir Nis Diluain às dèidh mar a chaidh fear a leagail le càr anns a' bhaile tràth madainn na Sàbaid.

Tha Andrei Sinzieanu, 25, fo ghrunn chasaidean dràibhidh agus cuideachd gun do dh'fheuch e ri bacadh air ceartas.

Thathas a' fàgail air gun robh e a' dràibheadh gu cunnartach, fhad 's a bha e air a chasg, gun robh e fo bhuaidh na dibhe, nach robh àrachas aige agus gun robh cead-dràibhidh fuadan aige.

Tha e cuideachd fo chasaid nach do stad e às dèidh na tubaiste, agus nach do chuir e fios air na Poilis.

Tha Dorian Savu, 21, fo chasaid gun do dh'fheuch e ri bacadh a chur air ceartas.

Cha do rinn na fireannaich tagradh sam bith agus chaidh an cumail an grèim.

Chaidh Stefan Friseal, 36 a dhroch ghoirteachadh nuair a chaidh a leagail le càr air Drochaid nam Manach ann an Inbhir Nis tràth madainn na Sàbaid.