Ìmpidh mu ionnsaighean

  • 20 An Gearran 2017
Comhairle na Gàidhealtachd

Dh'fulaing co-dhiù ochdnar anns gach deichnear de luchd-teagaisg a bhios ag obair le cloinn aig a bheil feumalachdan sònraichte ann an sgoiltean na Gàidhealtachd ionnsaigh bho an cuid sgoilearan, a rèir rannsachaidh a rinn an t-aonadh Unison.

Tha an t-aonadh a-niste ag iarraidh air Comhairle na Gàidhealtachd dèiligeadh ris a' chùis gu sgiobalta.

Dh'inns buill den aonadh gu bheil dragh mòr orra mun t-suidheachadh.

Mar sin chuir an t-aonadh ceistean air an luchd-teagaisg a tha a' cuideachadh cloinne le feumalachdan sònraichte ann an sgoiltean-àraich agus bun-sgoiltean na sgìre.

Chuir faisg air 100 freagairt thuca.

Sheall an sgrùdadh gu bheil 88% de luchd-teagaisg air ionnsaigh dh'fhulaing bho sgoilear, no gu bheil clann ri droch chainnt.

Dh'innis cuid gun deach am bualadh, am breabadh, gun deach smugaid a thigeil orra agus gun robh clann gan sgrìobadh.

Thuirt cuideigin eile gun deach siosair a chumail ri a h-amhaich.

Thuirt còrr 's dà thrìan gu bheil iad den bheachd nach eil ceannardan sgoile airson dèiligeadh ris a' chùis.

Dh'iarr Seonaidh Gibson bhon bhuidinn air Comhairle na Gàidhealtachd dèiligeadh ris a' chùis gu sgiobalta.