Cuideam a bharrachd mu bhòrd HIE

  • 20 An Gearran 2017
HIE

Thèid cuideam a bharrachd a chur air Riaghaltas na h-Alba an inntinn atharrachadh mu riaghladh Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean aig Co-chruinneachadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean Diluain.

Tha an Riaghaltas airson cur às dhan bhòrd-stiùiridh roinneil aig HIE, agus bòrd nàiseanta a chur os cionn HIE agus trì buidhnean eile, rud a tha air connspaid mhòr adhbhrachadh.

Bidh Fear-Gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, am measg nan riochdairean Comhairle a choinnicheas ris a' riaghaltas.

"Tha sinn air freagairt a chur a-steach bhon Chomhairle, 's tha sinn air a chuairteachadh gu ùghdarrasan eile air Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan," thuirt e.

"Tha iadsan a' cur làn-taic ris an tagradh a chuir sinne a-steach gum bu chòir dhan bhòrd fhathast a bhith stèidhichte air Ghàidhealtachd, agus gum bu chòir a thuilleadh air sin a bhith a' coimhead ri sgìrean iomallach, agus sgìrean a tha iad a' meas mar sgìrean a tha cugallach dha-rìribh a thaobh an àm a tha ri teachd agus dè cho seasmhach 's a tha na sgìrean a tha sin.

"Tha sinne a' coimhead ri, chan e a-mhàin am bòrd a bhith stèidhichte air Ghàidhealtachd, ach gum bu chòir dhaibh a bhith a' cur sùil shònraichte ri dè tha a' dol a thachairt air an iomall, mar gum biodh," thuirt e.