CnES a' rannsachadh Hebridean Sea Salt

  • 17 An Gearran 2017
Salann

Tha am BBC air ionnsachadh gu bheil Comhairle nan Eilean Siar a' rannsachadh na companaidh Hebridean Sea Salt a tha stèidhichte ann an Ceann a Deas nan Loch ann an Leòdhas.

Tha am BBC a' tuigsinn gu deach ceistean a thogail mun t-salann a tha a' chompanaidh a' dèanamh agus gu bheil Roinn Slàinte is Àrainneachd na Comhairle a' dèanamh sgrùdaidh air a' chùis.

Tha Hebridean Sea Salt air fàs aithnichte ann am bùithtean bìdh air feadh na dùthcha.

Bhon a chaidh a' chompanaidh a stèidheachadh bho chionn 6 bliadhna tha iad air soirbheachadh gu mòr.

Thòisich iad a' cruthachadh dìreach 50 cileagram san là.

Leudachadh

Ach tha iad a-nis a' reic do chompanaidhean a leithid Waitrose is Sainsbury, agus tha iad air tòiseachadh a' reic gu h-eadar-nàiseanta.

Tha a' chompanaidh air taic-airgid poblach fhaighinn às dèidh do HIE faisg air £120,000 a thoirt dhaibh bho chionn ghoirid son an gnìomhachas a leudachadh.

Tha am BBC a-nis air ionnsachadh gun deach ceistean a thogail mu cò às a tha salann na companaidh a' tighinn

Tha am BBC a' tuigsinn gu bheil cuideigin a b'àbhaist a bhith ag obair aig a' chompanaidh air na casaidean a thogail.

Rannsachadh

Thuirt Natalie Crayton gun deach cùis a thogail agus gun deach a rannsachadh ach gun deach fhuasgladh fhaighinn agus gu bheil a' chompanaidh a-nis a' ruith mar as àbhaist.

Tha Comhairle nan Eilean Siar air dearbhadh gu bheil a' chompanaidh ga rannsachadh.

Thuirt Buidheann Inbhean Bìdh na h-Alba gu bheil iad mothachail gu bheil sgrùdadh a' dol air adhart agus gu bheil iad ag obair leis na h-ùghdarrasan.